'S e cleachdadh làidir a bh' aig na Gàidheil bho chian nan cian a bhith ag aithris sgeulachdan, seachadas a bha air dol á cleachdadh ann an Ceap Breatainn bho chionn greis. Nan rachadh duine do cheilidh, is cinnteach gun cluinneadh e ceòl na fìdhle, ceòl na clàrsaiche móire, agus a bu dòcha òrain agus innealan ciùil eile 'gan cluich, ach sgeulachdan...?