Celtic Heart Mailing List

Stay up to date with news & events


Gaelic traditions

An Drochaid Eadarainn / The Bridge Between Us

Aug 2, 2012
Posted by

Bho chionn ghreis chaidh làrach-lìn ùr a chuir air an eadarlìon, An Drochaid Eadarainn mar ainm. 'S e proiseact mór a tha seo, le fios air iomadh cuspair ceangailte ri dualchas Gàidhealach an Eilein Cheap Breatainn, ceòl 'is dannsa 's msaa. Cha b' urrainn dhomh ceartas a dheanamh dha 'n làrach lìn uile gu léir agus air sgàth gur i a' Ghàidhlig 'na prìomh ùigh a th' agamsa ann, cumaidh mi ris a' roinn sin dheth.

2

The true meaning of "ceilidh" in Cape Breton

May 14, 2010
Posted by

Chluinnear gu tric mu 'n cuairt an eilein gum bi ceilidh ann an àite seo, no gum bi daoine a' dol do cheilidh an nochd, agus a bheil ceilidh ann an àite sam bith ceann na seachdainne 'sa tighinn? Bidh daoine a' measail ceilidhean mar tachartasan far an cluinnear ceòl 's an òlar deoch làidir no leann no fion, far am bi danns' 'is gàirdeachas nan ruith cha mhór gu soilleireachadh an latha, agus 's dòcha seachad air an uair sin!

3

Introducing Angus MacLeod, our Gaelic blogger

May 14, 2010
Posted by

Fàilt' oirbh uile do 'n bhlog ùr seo! Tha mi 'n dòchas gun còrd e ruibh 's gun éirich cothroman còmhraidh ás na cuspairean mu dheidhinn a sgrìobhas mi. A' bharrachd air a' sin, ma bhios cuspairean aig daoin' eile, no ceistean agaibh, gum bi fios ri fhaotainn an seo mu 'n deidhinn cuideachd.

Top