Trì cheud bliadhna bhuaithe seo bha Eilean Cheap Breatainn fo smachd nam Frangach agus 's dòcha gur ann bhuapa-san a fhuair sinn an t-ainm "Ceap Breatainn" ach cha chreid mi gu bheil cinnt aig duine sam bith a thaobh sin. A réir mo chuid fhiosrachd, chan eil sinn cinnteach idir cia ás a thàinig an t-ainm "Ceap Breatainn" no cò a chleachd air thùs e.
Tha Mìos na Gàidhlig a' tighinn dlùth ann an Alba Nuaidh. 'S e sin mìos 'nuair a nìthear greadhnachas ann an iomadh dòigh air sgàth na Gàidhlig, staid na Gàidhlig mar a tha e an diugh agus a h-uile h-oidhirp a chaidh a dheanamh air a son ré nam bliadhnaichean.
Le cuideachd Oifis Iomairtean na Gàidhlig, bidh Bebh Brett a' deasachadh dealbhan-cluich' a bhios ri 'n nochdadh a 's t-samhradh 'sa tighinn ann an Alba Nuaidh. Tha mi a' coimhead air adhart ri 'm faicinn o 'n a tha làn fhios agam cho teòma 's a tha Bebh air an obair sin.
'Nuair a thig an samhradh thig daoine gu Ceap Breatainn á iomadh àite, luchd ionnsachadh na Gàidhlig agus luchd ionnsaichte 'sa Ghàidhlig nam measg. Innsidh mi dhuibh beagan mu dheidhinn dithis aca, agus té eile ás an Eilean Cheap Breatainn fhéin.
The Scottish Gaelic influence is strong in Nova Scotia. Our very name New Scotland embodies it. You can find it at the Colaisde Na Gàidhlig/Gaelic College in St. Ann’s and at the Highland Village/An Clachan Gàidhealach in Iona. Our Celtic culture greets you with Ciad Mile Failte (100,000 welcomes) at a milling frolic, concert and ceilidh.
Cluinnear tòimhseachain anns a' h-uile cànan, tha mi cinnteach. 'Sa Bheurla bidh iad gu tric car mar seo: Cò mheud ( seòrsa de dhuine) a dh' fheumar airson bolgan-solais ùr a chuir ann? - Ceud 'sa h-aon. Aonar airson greim a chumail air a' bholgan agus ceud airson an taigh' a thogail 's a thionndaidh mu 'n cuairt. ( A' sealltainn nach ann tapaidh a tha 'ad! )
Taibhsean agus rudan os-nàdurra. 'S e cuspair a thogadh inntinn daoine 's dòcha cho fad 's a tha sinn air a bhith air an talamh. Chan eil mi cinnteach a bheil seann taigh, àite eachdraidheil no làrach cliùiteach air nach bi naidheachd no dhà orra.
Nach neònach mar a thig air uairean co-chruinneachadh de thachartan a chuireas smaointean duine air rathad àraid? 'Sann mar sin a tha e air a bhith dhomhsa o chionn ghreis.
Tha mi toilichte fhaicinn mar a bhios saoghal nan Gaidheal beag air bheag a' meudachadh a thaobh nan gnothach ris am bi sinn. Mar a théid sinn air adhart 'san fhicheadamh linn 's a h-aon, tha mi creidsinn gum bi cor na Gàidhlig gu math eisimeileach air ciamar a ghabhas ( no nach gabhas ) sinn greim air na cothroman a bhios romhainn.