Celtic Heart Mailing List

Stay up to date with news & events


Gàidheal

Louisburg / Louisbourg

May 27, 2013
Posted by

Trì cheud bliadhna bhuaithe seo bha Eilean Cheap Breatainn fo smachd nam Frangach agus 's dòcha gur ann bhuapa-san a fhuair sinn an t-ainm "Ceap Breatainn" ach cha chreid mi gu bheil cinnt aig duine sam bith a thaobh sin. A réir mo chuid fhiosrachd, chan eil sinn cinnteach idir cia ás a thàinig an t-ainm "Ceap Breatainn" no cò a chleachd air thùs e.

1

Dualchas a tha Beò / A Living Culture

Apr 14, 2013
Posted by

Le cuideachd Oifis Iomairtean na Gàidhlig, bidh Bebh Brett a' deasachadh dealbhan-cluich' a bhios ri 'n nochdadh a 's t-samhradh 'sa tighinn ann an Alba Nuaidh. Tha mi a' coimhead air adhart ri 'm faicinn o 'n a tha làn fhios agam cho teòma 's a tha Bebh air an obair sin.

Seinneadairean Òga / Young Singers

Apr 2, 2013
Posted by

'Nuair a thig an samhradh thig daoine gu Ceap Breatainn á iomadh àite, luchd ionnsachadh na Gàidhlig agus luchd ionnsaichte 'sa Ghàidhlig nam measg. Innsidh mi dhuibh beagan mu dheidhinn dithis aca, agus té eile ás an Eilean Cheap Breatainn fhéin.

1

Na Daoine Bho 'n d' Thàinig Sinn / The People From Whom We Came

Jan 3, 2013
Posted by

Nach neònach mar a thig air uairean co-chruinneachadh de thachartan a chuireas smaointean duine air rathad àraid? 'Sann mar sin a tha e air a bhith dhomhsa o chionn ghreis.

1

Am Ficheadamh Linn 's a h-Aon / The Twenty-First Century

Dec 4, 2012
Posted by

Tha mi toilichte fhaicinn mar a bhios saoghal nan Gaidheal beag air bheag a' meudachadh a thaobh nan gnothach ris am bi sinn. Mar a théid sinn air adhart 'san fhicheadamh linn 's a h-aon, tha mi creidsinn gum bi cor na Gàidhlig gu math eisimeileach  air ciamar a ghabhas ( no nach gabhas ) sinn greim air na cothroman a bhios romhainn.

Saoghal Fada na Gàidhlig / The Wide World of Gaelic

Sep 6, 2012
Posted by

Saoilidh mi gu tric cho tlachdmhor 's a tha e bhith 'g obair ann an saoghal na Gàidhlig, agus 's e a' phrìomh aobhar a th' ann na daoine gasda ris an tachair thu.

Mar a bhios mi teagasg na Gàidhlig air loidhne leis an Acadamaidh Gàidhlig an Atlantaig, cuiridh mi an aithne air iomadh duine á àiteachan céin, eadar Aimeiriaga a Tuath, Roinn Eòrpa, an Deas Roinn agus Aisia - agus a h-uile neach aca ri ionnsachadh na Gàidhlig!

An Cridhe Cabaire / The Tell-tale Heart

Aug 28, 2012
Posted by

Ma shuidh sibh riamh ag éisdeachd ri sgeul 'ga h-innse, no ma dh' éisd sibh ri Stiùbhart Mac 'Illeathain air a' ChBC, bidh làn fhios agaibh air cho tlachdmhor 'sa tha e sgeul tarruingeach a chluinntinn aig seanchaidh coileanta seach a leughadh no a faicinn mar fhiolm.

Togail an Fhuinn / Precenting

Mar 24, 2012
Posted by

Taobh Tuath Cheap Breatainn / Northern Cape Breton

Feb 7, 2012
Posted by

Air taobh tuath an eilein Cheap Breatainn tha àiteachan mar Iongoinis, Ceap Nòr, Inbhir Pheofharain, Bàgh Naomh Loireans, agus eile. Smaoinichidh mi uaireannan gun téid an dio-chuimhn' air an còrr dhe 'n eilean air sgàth 's gu bheil iad car fada air falbh agus dà bheinn eadarainn.

Top