Celtic Heart Mailing List

Stay up to date with news & events


ceòl

Àm na Samhna / Hallowe'en Time

Oct 16, 2013
Posted by

Tha Oidhche Shamhna a' tighinn dlùth a nis agus bidh tachartasan ann an iomadh baile 'is coimhearsnachd. Mar eisimpleir bidh Oidhche nam Bòcan aig a' Chlachan Ghàidhealach agus bidh Cuairt le Lòchran aig an Daingneach Louisburg.

Mìos na Gàidhlig / Gaelic Month

Apr 26, 2013
Posted by

Tha Mìos na Gàidhlig a' tighinn dlùth ann an Alba Nuaidh. 'S e sin mìos 'nuair a nìthear greadhnachas ann an iomadh dòigh air sgàth na Gàidhlig, staid na Gàidhlig mar a tha e an diugh agus a h-uile h-oidhirp a chaidh a dheanamh air a son ré nam bliadhnaichean.

1

Dualchas a tha Beò / A Living Culture

Apr 14, 2013
Posted by

Le cuideachd Oifis Iomairtean na Gàidhlig, bidh Bebh Brett a' deasachadh dealbhan-cluich' a bhios ri 'n nochdadh a 's t-samhradh 'sa tighinn ann an Alba Nuaidh. Tha mi a' coimhead air adhart ri 'm faicinn o 'n a tha làn fhios agam cho teòma 's a tha Bebh air an obair sin.

Làithean na Féise / Festival Days

Oct 1, 2012
Posted by

CO-CHEANGLAIDHEAN / CONNECTIONS

Apr 23, 2012
Posted by

O chionn ghreis chuir mi seachad dà latha ri teagasg òrain Ghàidhlig do chloinn aig An Roinn Cheilteach de 'n Sgoil Dhannsaidh aig Ceallaigh Nic Artair ann an Cnoc an Iar, Ceap Breatainn. 'S e dannsairean a bh' anns a' mhór-chuid dhe na sgoilearan agus bha 'ad air an togail le bhith dannsadh do sheinn seach inneal ciùil.  Rinneadh co-cheangladh glan eadar cànan 'is ceòl 'is dannsa, agus a' chlann 'gan ionnsachadh uile.

Càit' an Cluinnear a' Ghàidhlig ann an Ceap Breatainn?/ Where Can Gaelic Be Heard in Cape Breton?

Jun 15, 2011
Posted by

Càit' an Cluinnear a' Ghàidhlig ann an Ceap Breatainn?

'S e a' cheist a chuir mi romham, " Càit' an cluinnear a' Ghàidhlig ann an Ceap Breatainn?" agus feumaidh mi aideachadh gum bi mi fo eisimeil dhaoin' eile gus fios a' bharrachd air mo chuid fhìn a chuir ris an airteagail seo. Innsidh mi dhuibh roinn dhe na tha fios agam air ( Cha bhi an airteagail ach goirid! ) , ach 's cinnteach gu bheil tachartasan eile ann air nach eil mi eòlach.

2

Carson a Dh' ionnsaichear a' Ghàidhlig?/Why Learn Gaelic?

Mar 1, 2011
Posted by

Carson a Dh' ionnsaichear a' Ghàidhlig?

'S e obair mhór a th' ann an ionnsachadh cànan sam bith - obair bheatha chanadh cuid. Carson a bhiodh e feumail obair cho mór a chuir ann gus cànan eile a bhruidhinn?

A Slightly Strange Activity Explained - Cleachdadh Car Neònach 'ga Shoilleireachadh

Jun 16, 2010
Posted by

'Nuair a dh' éisdeas daoine ri ceòl Ghàidhlig, cluinnear gu bheil iomadh òran air a dheasachadh air an aon fhonn. Bidh cuid de dhaoine a' smaointinn gur e fàilligeadh nam bàrd a th' a's coireach ach chan e sin a' chùis.

Top