Celtic Heart Mailing List

Stay up to date with news & events


Ceap Breatainn

Àm na Samhna / Hallowe'en Time

Oct 16, 2013
Posted by

Tha Oidhche Shamhna a' tighinn dlùth a nis agus bidh tachartasan ann an iomadh baile 'is coimhearsnachd. Mar eisimpleir bidh Oidhche nam Bòcan aig a' Chlachan Ghàidhealach agus bidh Cuairt le Lòchran aig an Daingneach Louisburg.

Louisburg / Louisbourg

May 27, 2013
Posted by

Trì cheud bliadhna bhuaithe seo bha Eilean Cheap Breatainn fo smachd nam Frangach agus 's dòcha gur ann bhuapa-san a fhuair sinn an t-ainm "Ceap Breatainn" ach cha chreid mi gu bheil cinnt aig duine sam bith a thaobh sin. A réir mo chuid fhiosrachd, chan eil sinn cinnteach idir cia ás a thàinig an t-ainm "Ceap Breatainn" no cò a chleachd air thùs e.

Seinneadairean Òga / Young Singers

Apr 2, 2013
Posted by

'Nuair a thig an samhradh thig daoine gu Ceap Breatainn á iomadh àite, luchd ionnsachadh na Gàidhlig agus luchd ionnsaichte 'sa Ghàidhlig nam measg. Innsidh mi dhuibh beagan mu dheidhinn dithis aca, agus té eile ás an Eilean Cheap Breatainn fhéin.

1

Am Ficheadamh Linn 's a h-Aon / The Twenty-First Century

Dec 4, 2012
Posted by

Tha mi toilichte fhaicinn mar a bhios saoghal nan Gaidheal beag air bheag a' meudachadh a thaobh nan gnothach ris am bi sinn. Mar a théid sinn air adhart 'san fhicheadamh linn 's a h-aon, tha mi creidsinn gum bi cor na Gàidhlig gu math eisimeileach  air ciamar a ghabhas ( no nach gabhas ) sinn greim air na cothroman a bhios romhainn.

Làithean na Féise / Festival Days

Oct 1, 2012
Posted by

1

Cò Mheud? / How Many?

Sep 11, 2012
Posted by

Bithear a cantainn gu bheil timchioll air còig ceud duine ann an Ceap Breatainn aig a bheil  Gàidhlig. Chan eil dad a dh' fhios 'am dé cho ceart no ceàrr a tha sin, ach tha mi cinnteach gu bheil e uamhasach duilich a bhith cinnteach ás an àireamh sin.

Saoghal Fada na Gàidhlig / The Wide World of Gaelic

Sep 6, 2012
Posted by

Saoilidh mi gu tric cho tlachdmhor 's a tha e bhith 'g obair ann an saoghal na Gàidhlig, agus 's e a' phrìomh aobhar a th' ann na daoine gasda ris an tachair thu.

Mar a bhios mi teagasg na Gàidhlig air loidhne leis an Acadamaidh Gàidhlig an Atlantaig, cuiridh mi an aithne air iomadh duine á àiteachan céin, eadar Aimeiriaga a Tuath, Roinn Eòrpa, an Deas Roinn agus Aisia - agus a h-uile neach aca ri ionnsachadh na Gàidhlig!

Top