Bho chionn ghreis chaidh làrach-lìn ùr a chuir air an eadarlìon, An Drochaid Eadarainn mar ainm. 'S e proiseact mór a tha seo, le fios air iomadh cuspair ceangailte ri dualchas Gàidhealach an Eilein Cheap Breatainn, ceòl 'is dannsa 's msaa. Cha b' urrainn dhomh ceartas a dheanamh dha 'n làrach lìn uile gu léir agus air sgàth gur i a' Ghàidhlig 'na prìomh ùigh a th' agamsa ann, cumaidh mi ris a' roinn sin dheth.