Ma thig sibh gu Ceap Breatainn an dòchas gun cluinn sibh fuinn no òrain Ghàidhlig, gu dé a bhios romhaibh? Mar a tha fhios aig iomadh duine, 's e seann dualchas a th' anns a' Ghàidhlig agus bidh cuid dhe na h-òrain a ghabhas sinn a' seo gu math sean cuideachd.
Chan eil sin ri ràdh nach cluinnear òrain ùra idir. Bidh òrain ùra ri 'n cluinntinn gu cinnteach, òrain a chaidh a dheasachadh am bliadhna fhéin agus o chionn beagan bliadhnaichean.. ach cuideachd…
Bidh "Òran do 'n Mhòd " ri chluinntinn uaireannan, òran a dheasachadh anns a' bhliadhna 1938 le Garret MacDòmhnaill airson a' cheud mhòid aig a' Cholaisde Ghàidhlig . 'S e deagh bhàrdachd a th' ann, a' sealltainn dhuinn nach do chaill na daoin' a' seo an seòl air bàrdachd ged a bha a' Ghàidhlig 'ga sìor-chur gu cùl 'sna laithean sin.
Cuideachd, " A' Choille Ghruamach " leis a' Bhàrd Iain Mac 'Illeathain — ged a tha an t-òran sin uamhasach tàmailteach do 'n àite. Sgrìobhadh an t-òran seo tràth 'san naoidheamh linn deug 'nuair a bha e air nuadh-thighinn do Alba Nuadh agus bu ghràinneil dha e.
Tha an t-òran " Ò Hì Thog I Ò " mór-thaitneach fhathast agus thàinig e thugainn ás an ochdamh linn deug, greiseag an déidh a' Bhlàir Chùl Lodair. A réir coltais 's e òran ghaoil a th' ann ach chaidh iomadh rann a sgrìobhadh mar mholadh do 'n Phrionnsa Tearlach, agus 'sna seann laithean cha ghabhadh tu ach na ranntan a chòrdadh ris an luchd-éisdidh a bh' ann, air eagal do bheatha!
'S dòcha gur e an t-òran a's sine a chluinneas tu ann an Ceap Breatainn " Cath Mhaighre Bhuirb " . Chuala mi gu robh na faclan seachd ceud bliadhna a dh' aois agus cha chreid mi nach eil am fonn na 's aosda na sin. Dé cho sean a tha sin? Uill, tha e timchioll air dà cheud bliadhna na 's aosda na a' Bheurla! 'Sann air cath nach bu shealbhach a bh' aig na Féinn a tha an t-òran seo agus fonn breagha air.
Chan e seo ach cuid bheag de dh' eisimpleirean air na h-òrain a bhios ri 'n cluinntinn aig ceilidhean 'is cuirmean ciùil. Sean no ùr, is cinnteach leam gun còrd iad ruibh!